Menu
Close Menu
Teachdaire bhon Cheannard¦Message from Headteacher

Teachdaire bhon Cheannard ¦ Message from the Headteacher

 

Fàilte gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu!

Fàilte gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, an aon sgoil a-mhàin tro Mheadhan na Gàidhlig bho aois 3-18 ann an Alba, le Sgoil-àraich, Bun-sgoil agus Àrd-sgoil san aon togalach.  Ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, tha sinn a’ strì ri taic a thoirt do na sgoilearan againn gu bhith nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, nan daoine misneachail, nan saoranaich earbsach agus nan com-pàirtichean èifeachdach sa chomann shòisealta.  

Aig cridhe na sgoile tha a’ Ghàidhlig a tha gar ceangal mar choimhearsnachd. Bu mhath leinn gum bi na sgoilearan uile, am pàrantan agus luchd-obrach na sgoile pròiseil den chànan, ag obrachadh còmhla gus dèanamh cinnteach gun lean an sgoil againn air adhart a’ leasachadh ann am mòran dhòighean eadar-dhealaichte. Tha mi an dòchas gun cur gach pàiste is pàrant ri beatha na sgoile againn thar nam bliadhnaichean a tha romhainn, agus gum bi iad a’ faireachdainn toilichte, sàbhailte agus pròiseil à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Leis gach deagh dhùrachd,
Donalda T NicComb
Ceannard

 

Welcome to the Glasgow Gaelic School, the only 3-18 Gaelic Medium School in Scotland with a Nursery, Primary and Secondary School in the one building.  At the Glasgow Gaelic School we strive to support our pupils to become successful learners, confident individuals, responsible citizens and effective contributors to society.

At the heart of our school is the Gaelic language which binds us as a community. We would like all pupils, parents and school staff to be so proud of the language and to work together to ensure it continues to develop in many different ways. I do hope that every child and parent will contribute to the life of our school over the next coming years and will feel happy, safe and proud of Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

With every good wish,
Donalda T McComb
Head Teacher