Menu
Close Menu
Naidheachdan Àrd-sgoile ¦ Secondary News
Seisean ‘Lagh Sràid’ Saidheans Coimpiutaireachd ¦ Computing Science ‘Street Law’ Session

Bha sinn ro thoilichte fàilte a chur air sgioba oileanaich agus luchd-obrach bhon Clionaig Lagha aig Oilthigh Chailleannach Ghlaschu airson seisean a dhèanamh air laghan Saidheans Coimpiutaireachd. Bha fòcas air an Achd Mì-fheum Coimpiutair agus GDPR. Tha na laghan seo mar phàirt de na cùrsaichean a tha ar n-òigridh a’ leantainn ma tha iad a’ dèanamh Saidheans Coimpiutaireachd mar chuspair.

Abair gun robh deasbad fallainn againn nuair a bha na buidhnean a’ beachdachadh air na diofar eisimpleirean a bha stèidhichte air suidheachaidhean a nochd sna cùirtean. Dh’fheumadh an òigridh smaoineachadh mar bhritheamhan agus adhbharan a thoirt seachad airson an cuid co-dhùnaidhean. Dh’ionnsaich iad cuideachd mu dheidhinn an cùrsa lagha aig OCG agus an obair fharsainn anns a bheil an Clionaig Lagha an sàs.

Bu mhath le Mgr Combe a cho-òrdanaich an seisean taing mhòr a thoirt, às leth na sgoile, dhan an sgioba a thàinig agus tha sinn a’ dèanamh fiughair am faicinn a-rithist.

We were delighted ro welcome a team of students and staff from the Law Clinic at Glasgow Caledonian University to undertake a session on Computing Science related legislation. There was a focus on The Computer Misuse Act and GDPR. These laws are part of the courses that our young people follow if they choose Computing Science as a subject.

There was a very healthy debate while the groups were considering the different examples that were based on real situations that came to court. The young people had to think like judges and give reasons for the conclusions that they reached. They also learned about the law course at GCU and the wider work which the Law Clinic undertakes.

The session was co-ordinated by Mr Combe who would like to thank, on behalf of the whole school, the team who visited and we are very much looking forward to welcoming them again in the future.