Menu
Close Menu
Naidheachdan Àrd-sgoile ¦ Secondary News
Aithisgean Aithisg Sgoile BBC 2017 ¦ BBC School Report News Reports

Bha sgoilearan bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' gabhail pàirt ann an BBC School Report air an 16mh den Mhàrt. Seo feadhainn de na h-aithrisean a dheasaich iad.

Neach-naidheachd a' BhBC a' sealtainn man a tha camara ag obrachadh

Draibheadh le fòn-làimhe

Chaidh lagh ùr an àite air a’ chiad latha den Mhàrt 2017. B’ àbhaist an laghadh a bhith 3 puingean air an cead-draibhidh agad agus £100 fine. Ach a-nis tha sin dùbailte so ’s e £200 fine agus 6 puingean air a’ chead-draibhidh.  Tha sin leth na puingean tha feum agad airson a’ call an cead-draibhidh.
Rinn sinn suirbhidh far an do dh’fhaighnich sinn a’ cheist “A bheil fios agad dè tha na peanasan airson an lagh ùr seo?” Gu taingeil, a mach à 11 tidsear bha fios aig 8/11 de na tidsears againn air na peanasan agus dìreach 3/11 nach robh fios orra. A-mach às a’ chlas againn cha robh fios aig 12/20 daoine air na peanasan , ’s mar sin bha fios aig 9/20 orra.

Buidheann sgoilearan ag ullachadh

A bheil a’ chlann agadsa air meadhanan sòisealta cus?

An-diugh tha mòran dheugairean a’ cosg barrachd na 27 uairean ann an seachdain air meadhanan sòisealta. Rinn sinn agallamh le Mr. MacKay, tidsear aig SGG mu dheidhinn dè am beachd aige mu dheidhinn clann air an eadar-lìon agus meadhanan sòisealta. Dh’fhaighnich sinn dha dè tha esan a’ smaointinn mu dè cho tric sa tha clann air meadhanan sòisealta. Thuirt e:
“Tha clann air na fònaichean aca tòrr agus tha iad a’ cosg tòrr ùine orra. Tha e air tòiseachadh a’ toirt buaidh air an obair-sgoil aca. Cuideachd tha mi air mothachadh gu bheil an làimh-sgrìobhaidh aca nas miosa.”
Bha sinn ag iarraidh a’ faighinn a-mach cia mheud turas a tha tidsear/inbheach a’ dol air an fòn ri agus cia mheud turas a tha clann a’ dol air an fòn ann an latha. Rinn sinn agallamh le sgoilear, Kathryn and thuirt i:
“Bidh mi a’ dol air an fòn làimh agam anns a’ mhadainn agus nuair a tha sgoil deiseil.”
Agus thuirt Mr. MacKay:
“Chan eil mi a’ dol air meadhanan sòisealta tòrr oir aig uaireanan sgoile chan eil teansa agam, ach rinn mi “delete” air an app oir bha mi a’ feuchainn gun a bhith a’ dol air.”

Sgoilearan ag ullachadh

Wee Write

Air an 6mh latha den Mhàirt chaidh an dàrna bhliadhna bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu dhan Fhèis ‘Wee Write’agus choinnich iad ri sgrìobhadair Michael Grant.

’S e sgriobhadair ainmeil Ameireaganach a th’ ann am Michael Grant.  Sgrìobh e sreath leis an ainm ‘Gone’ agus na leabhraichean ùra aige ‘Front Lines’, Silver Stars’ agus ‘Dead of Night’.

Rugadh e ann an 1954 ann an Los Angeles. Phòs e gu K.A Applegate ann an 1979. Tha e air a barrachd na 150 leabhraichean a sgrìobhadh ach sgrìobh e a’ mhòr-chuid aca còmhla ris a bhean; K.A Applegate.

Air an latha, bhruidhinn Grant mun a bheatha a bha aige mus do thòisich e a sgrìobhadh. Thuirt e nach do rinn e math san sgoil le Beurla agus nach robh e smaoinntinn mu dheidhinn a bhith na sgrìobhadair nuair a bha e na inbheach. Bha an teaghlach aige caran bochd agus cha robh tòrr airgead aige aig an àm.

Bhruidhinn sinn ri tidsearan agus seo na ceistean agus freagairtean a fhuair sinn;

“Bha e glè mhath chòrd e rium gu mòr oir bha e uabhasach inntinneach, bha an sgrìobhadar a’ bruidhinn gu nàdarrach gu na sgoilearan.”

Cuideachd bhruidhinn sinn ri na sgoilearan ann an Sgoil Ghàidhlig Glaschu, seo dè thuirt iad.

“Tha mi air a leughadh feadhainn de na leabhraichean aige agus chòrd iad rium gu mòr, às dèidh èisteachd gu Micheal Grant tha mi ag iarraidh ri leughadh barrachd de na leabhraichean aige.”

Bha 95% den dàrna bliadhna ag ràdh gun do chòrd e riutha.

Bha 67% den dàrna bliadhna ag ràdh gu bheil iad a dol a’ leughadh na leabhraichean a sgrìobh Michael Grant.

Planaidean ùr air an lorg

Lorg NASA 7 planaidean ùr ann an siostam TRAPPIST-1. Tha luchd saidheans air bhioran mu dheidhinn an ffhoillseachadh seo oir ’s dòcha gum bi beatha air aon de na planaidean seo. Rinn an glainne-amhairc spàs Spitzer am foillseachadh air an 22na den Ghearran. Rinn am foillseachadh reacòrd ùr leis an àireamh as motha de phlanaidean air a lorg.

Seo na h-agallamhan againn bho na tidsearan:
Ms Campbell, Saidheans: “Tha am foillseachadh seo mìorbhailteach! ’S e eàrlas mòr a tha am foillseachadh seo airson saidheans.”
Mgr Shand, Saidheans: “Tha mi an dòchas gum faigh sinn an sin ach tha e a’ dol a bhith greim fada.”