Menu
Close Menu
Naidheachdan Àrd-sgoile ¦ Secondary News
Aithisg Sgoile 2016 ¦ School Report 2016 (Gaelic)

Sgoilear a' leughadh na naidheachdan

Air 10mh Màirt rinn sgoilearan Aithisg Sgoile BBC. Tha dealbhan agus aithisgean a sgrìobh iad gu h-ìosal. Cuideachd tha sgeulachdan bho an-uiridh an seo.

On the 10th of March pupils took part in BBC School Report. There are pictures and reports they wrote below in Gaelic. There are also stories from last year here.

 

Seo Tagh Aithisgean a Sgrìobh Sgoilearan

Duais Iain Muir – le Eilidh

Anns an latha an-duigh chan eil mòran dhaoine a’ dol a-mach airson latha sa phairc neo campadh. B’fheàrr leotha a bhith air na iphones aca, air meadhanan soisealta etc. Mar sin carson a tha duais Iain Muir nas fheàrr na rudan a tha sinn a cleachdadh bho latha gu latha.

Chuir sinn ceistean air daoine a tha air a bhith an sàs anns an tachairteas seo. Thòisich sinn le sgoilear a tha air an treasamh ìre den duais Iain Muir a dheanamh

Eilidh: Dè an rud as fheàrr mu dheidhinn duais Iain Muir nad bheachd?

Christina:  Tha e spòrsail a bhith a’ cur seachad uine le mo charaidean agus a’ dèanamh rudeigin cudromach.

Eilidh:  Ciamar?

Christina: Uill tha e cudromach oir tha sinn a’ cuideachadh an àrainneachd le bhith togail sgudal sa phairc, toirt biadh gu na h-eòin agus a’ deanamh ceisteachean etc.

Chan ann dìreach air a’ chlann chuir sinn ceistean . Rinn sin agallamh leis an oifigear Gàidhlig againn, Alison.

Eilidh: Carson a tha an duais seo cho math airson na cloinne.

Alison: Nam bheachdsa ’s e dòigh math a th’ ann a chur seachad uine leis na caraidean agad, cothrom Gàidhlig a chleachdadh ann an dòigh diofraichte no Gàidhlig a bhrosnachadh, ùine a chur seachad a-muigh san àrainneachd agus a dh’ ionsachadh sgilean ùra mar streip, bird watching etc agus nuair a tha a’ chlann a’ fàgail na sgoile tha rudan mar seo a’ coimhead math air an CBh agad.

Eilidh: Ciamar a ’s urrainn do ChnaG Duais Iain Muir a dheanamh nas fhearr?

Alison: Nan robh barrachd ùine againn bhiodh comas againn barrachd seiseanan spòrsail a chur air dòigh.

Sgoilearan a' rannsachadh naidheachdan

A’ Chìs Phinc

Chaidh a lorg, bho chionn ghoirid, gu bheil companaidhean air a bhith a’ reic bathar – boireannaich agus bathar-fhìreannaich aig prìsean eadar-dhealaichte le boireannaich a’ pàigheadh barrachd.

Dh’fhaighnich sinn an robh fios aig daoine mu dheidhinn a’ chis phinc.Anns a’ chumantas, chaidh a lorg gum bi boireannaich a pàigheadh mu 7% a bharrachd na fìreannaich airson bathar bunaiteach mar siampù, ràsaran agus deodorant.

Cho math ri seo, thathar a ràdh gun robh dèideagan agus fiù 's suidheachain-chàir a tha pinc no air a bheil flùraichean nas daoire na rudan air a bheil dathan mar gorm no air a bheil dealbhan “fìreann” mar spuinneadairean mara.

Dh’fhaighnich sinn ri daoine dè na bha iad a' smaoinntinn mun chis phinc agus seo na chaidh a lorg:

Thuirt Niamh “Bha fios agam mu dheidhinn agus tha mi a' smaoinntinn gu bheil e cèarr agus gu bheil e gun fheum.”

Thuirt Ruairidh “Bha fios agam mu dheidhinn cuideachd agus chan eil mi ag aontachadh ris, chan eil mi a` smaoinntinn gu bheil e cothromach.”

Agus thuirt Robyn “Cha robh fios agam mu dheidhinn roimhe seo ach, tha mi a` smaoinntinn nach eil e cothromach oir bu choir dhuinn a bhith a’ fuireach ann an saoghal co-ionnan.”

Tha an cuspair air a bhith air a thogail anns a’ Phàrlamaid agus tha luchd-poilitics air a bhith bruidhinn mu dheidhinn anns an fhairsaingeachd. A bheil seo a ciallachadh gun atharraich rudan anns an aithghearrachd?

Le Eilidh, Aimée, Sarah, Caitlin, Aonghas

Sgoilearan a' rannsachadh naidheachdan

Clann agus Poileataics

Tha clann an diugh a’ fàs nas eòlaiche air poileataics ach, tha tòrr dhiubh ag ràdh gum bu choir do chlann barrachd fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn. Ann an clas anns a bheil fichead clann thuirt 18 dhiubh (89%) gun robh iad ag iarraidh barrachd fiosrachadh a bhith aca ach, ann an dòigh sporsail.

“Bhiodh e sporsail nan robh daoine òga a’ tighinn agus gar teagaisg mu phoileataics. Mar sin, bhiodh e caran sporsail a’ faighinn a-mach mu dheidhinn an cuspair doirbh a tha poileataics”- Morag - Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Dh’fhaighnich sinn na 11% eile a thuirt nach robh iad airson barrachd fiosrachadh mu poileataics carson a bha iad a’ faireachdainn mar seo.   Thuirt iad nach robh ùidh mhòr aca ann am poileataics.

“Chan eil ùidh agam idir ann am poileataics. Tha e dòirineach agus tha a h-uile cail dona gach turas a bhios mi a’ coimhead air na naidheachdan”- Eilidh – Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Tha tòrr chlann an-duigh a tha a’ fàs nas eòlaiche air poileataics ach chan fhaod sinn ar cinn a chur sa ghainmheach, tha a’ chlann an latha an-duigh nan ceannardan a-màireach agus tha feum aca air am fiosrachadh seo airson a chuideachadh an duthaich anns an àm ri teachd.

-le Alexander is Aidan

YPI

'S e YPI buidheann mòr air feadh Glaschu, Ameireagaidh agus Canada.

Faodaidh na sgoilearan air feadh Glaschu £3,000 a bhuannachadh airson a’ charthannas as fheàrr leotha.

Tha thu a’ dol gu carthannasan agus a’ faighinn a-mach dè na tha iad a’ dèanamh.

Bidh thu a’ cuir taisbeanadh ri chèile mu dheidhinn an carthannas.

Ceist gu Mrs Chaimbeul, tidsear a tha a’ cuir air dòigh am pròiseact san sgoil:

Carson a tha e cudromach?

Bhiodh an comann-soisealta ann an trioblaid mòr mar nach robh taic bho na carthannasan agus tha e a’ toirt air clann ann an sgoiltean a’ smaoineachadh air daoine ann am bochdainn neo cunnart.